Barbacoas (Nariño)
'S e baile beag ann an Nariño, Coloimbia,[1] a th’ann am Barbacoas. Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara agus 236km air falbh bho Phasto, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.
Cur air cois | 1600 |
---|---|
Dùthaich | Coloimbia |
Sgìre riaghaltais ionadail | Nariño |
Faisg air an uisge | Telembí River |
Domhan-leud is -fhad | 1°40′18″N 78°8′16″W |
Làrach-lìn | http://www.barbacoas-narino.gov.co/index.shtml |
Freumhan an Ainm
deasaich'S ann às na Barbacoas, tuath Tùsanach a bha nan tàmh anns an sgìre seo o shin,a thàinig ainm a' bhaile.[2]
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 30,270 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 18,668 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Ach ‘ s e baile agus sgìre traidiseanta dùthchasail a th’ann Barbacoas fhathast.
Taobh chinnidh, 's e daoine Afro-Coloimbianach a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Barbacoas: 15.1% dhe Tùsanaich, 6.7% dhe daoine geala/mestizos agus 78.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 61% dhe na daoine ann an Barbacoas leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 10% dhe na dachannan.[5]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Barbacoas. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.