Bad Lobenstein
Bad Lobenstein
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Saale-Orla-Kreis | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 50° 26' 51' Tuath 11° 38' 24' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 48.94 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 6,108 (2013) | ||||
Dlùths | 124.81/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)36651 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile beag faisg air Greiz agus Saalburg-Ebersdorf, air an àirde an ear-dheas na Gearmailte a th’ ann am Bad Lobenstein (Lobestein gu ruige 2005). Tha e suidhichte shuas aig 560m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Saale, am broinne na stàite Thüringen. Tha am baile 83km air falbh bho Altenburg, 73km bho Erfurt, 100km bho Chemnitz agus 261km bho Bherlin.[1] Tha 6,108 duine a' fuireach ann.[2]
Eachdraidh
deasaichChaidh Lobenstein a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1250, mar oighreachd ridire air an robh Otto von Lobenstein.[3] Fhuair am baile a chuid chòirichean a thaobh mhalairt ann an 1278 agus chaidh pròbhaist agus talla a' bhaile a chur air dòigh ann an 1411.[4] Ann an 1632,[5] ri linn Cogadh nan Trichead Bhliadhna, thug feachdan na Suaine ionnsaigh air Lobenstein. B' e Arm na Frainge a thug ionnsaigh air a' bhaile dìreach ro Chath Jena ann an 1806: Chuir 190,000 saighdear às an Fhraing ruaig air na feachdan a bha an urra ris a' bhaile a dhìon. B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd Reuß-Lobenstein a bh' ann bho 1806 gu ruige 1824.[6] Chaidh a' mhòr-chuid dhen bhaile a losgadh ann an teine ann an 1862. Stèidheachadh rèile tron sgìre ann an 1896.[7] Ri linn an Darna Cogaidh chuir mu 60 duine às an àirde an ear na Roinn Eòrpa an cogadh seachad ag obair san taigh-gnìomhachais Werner Schröder.