Is docha tha thu lorg uisge-adhair

Boinneag uisge

Is e a tha ann an uisge na lionn trid-shoilleir gun dath. Tha e na co-thàthadair de dh'haidridein is de dh'ogsaidean le foirmle cheimigeach H2O.

Beartan fiosaigeach

deasaich

Theid a reothadh aig 273K (0 °C) agus theid a ghoilleadh aig 373 K (100 °C) fo brùthadh àbhaisteach.

Chan eil cuideam moileciuileachd de uisge ach 18 Da agus tha puing a' ghoillidh anabarrach ard airson moileacul cho aotrom. Is e brigh don fheart seo de uisge gum bithidh co-taruinn lag eadar moileaculan uisge fa-leth gan cruinneachadh nan sianaran. An luib sin bithidh cuideam moileciulachd eifigeachd de uisge nas fhaisg air 108 Da agus tha teothachd ghoillidh de 373 K na cho-dhearbhadh. Nuair a ghoilleas uisge, theid sgaradh air na moileciulan fa-leth agus tha seo aig adhbharachadh meudachadh mor an toirt an stoith an co-mheas le toirt an uisge, (Theid meudachadh an toirt de mu deidhinn 1400 uraid nuair a rachas iompachadh de uisge ri stoth fo brùthadh abhaisteach). Is e am feart meudachaidh seo a tha na h-adhbhar gu bheil stoth na struthach-iomain eifigeachd airson gne de innealan-teis.

Ainmean

deasaich

Canar deagh ris an teann-stuth, agus stoth ris an staid ghasach. Nuair nach eil salann ann, tha cuid de dhualchainntean a' toirt “bùrn” air, le frith-fhacal sàl.

Faic cuideachd

deasaich

Ceanglaichean-amach

deasaich