Bòrd MhicLeòid
'S e Bòrd MhicLeòid an t-ainm a thathar a' gabhail air mullach Healabhal Mhòr a tha mu choinneamh Caisteal Dhùn Bheagain, ann an Diùranais, san Eilean Sgitheanach.
Tha an t-ainm seo a' buntainn ri sgeulachd ann am beul-aithris an eilein. Ged 's e Bùird MhicLeòid a thathar a' gabhail air an dà chuid Healabhal Mhòr agus Healabhal Bheag anns a' Bheurla a-nis, chan eil an sgeulachd Ghàidhlig fhèin a' toirt iomradh ach air mullach Healabhal Mhòr mar an t-àite ris an canar Bòrd MhicLeòid.[1]
Bun an ainm
deasaichA rèir beul-aithris, chaidh Alasdair Crotach, triath Dhùn Bheagain turas gu cùirt Rìgh Seumas an Còigeamh. Thug Alasdair sùil mun cuairt air greadhnachas na bùlc lùchairt. "A bheil coinnlearan cho gasta sin agad fhèin, a Leòdaich?" ars' aon de na flathan. Fhreagair Alasdair "Tha sin agam agus nas fheàrr."
Thachair gun do chuala an Rìgh freagairt MhicLeòid, agus thuirt e. "Thèid do chumail ri d' fhacal. Thig mise gad thadhal air an t-samhradh seo tighinn."
Thàinig an Rìgh a rèir fhacail. Rinn Alasdair ullachadh air mullach Helebheal mu choinneamh a' Chaisteil. Nuair a thugadh an Righ gu mullach na beinne, bha cuirm sgaoilte agus b' iad na coinnlearan an dà Bhuandaiche dheug gach fear le leus laiste de fhreumh giuthais na làimh chlì, agus claidheamh na làimh dheis.
"Sin mo choinnlearan a-nis," ars' Alasdair ris na flathan, "agus tha iad deas gus mo Rìgh a dhìon air muir no air tìr."
'S ann mar chuimhneachan air a' chuirm rìoghail sin air mullach na beinne a theirear Bòrd MhicLeòid ris a' bheinn gus an latha an-diugh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Am Measg nam Bodach, An Comunn Gàidhealach (1938), taobh-duilleig 73