Caisteal Dhùn Bheagain
'S e caisteal ann am Bhatarnais anns an Eilean Sgitheanach a th' ann an Caisteal Dhùn Bheagain. Tha e suidhichte air eilean beag faisg air cladach Loch Dhùn Bheagain. B' àbhaist dha bhith air a chuairteachadh leis a' mhuir uile gu lèir.
Tha e air a bhith aig Clann MhicLeòid o 1200 agus an-diugh tha Iain MacLeòid, ceann-feadhna nan Leòdach a' fuireach ann.
Tha an caisteal an-diugh ainmeil am measg an luchd-turais. Tha taigh-tasgaidh na bhroinn, agus tha gàrradh de còig acair le lusan, craobhan, drochaidean agus easan a' tarraing dhaoine thuige bho air feadh an t-saoghail.
Tha an caisteal cuideachd ri fhaighinn air màl airson bhainnsean agus tachartasan eile.