Co-chomharran: 51°33′58″N 4°02′51″E / 51.566221°N --4.047584°E / 51.566221; --4.047584

'S e bàgh faisg air Abertawe, a' Chuimrigh a th' ann am Bàgh Caswell (Cuimris: Bae Caswel; Beurla: Caswell Bay). Tha e suidhichte san ear-dheas air leth-eilean ris an canar Gower Peninsula sa Bheurla. Tha tràigh le gainmheach ann, mar sin tha e tarraingeach don luchd-turais, do theaghlaichean is don luchd-surfaidh. Tha inbhe Blue Flag aige. Bho 1972 a-mach 's e Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (ISSS) na Cuimrigh a th' ann am Bàgh Caswell.[1] Ann an 2006 chaidh am bàgh seo a thaghadh le Guardian.co.uk. mar aon de na 50 tràighean as fheàrr anns an Rìoghachd Aonaichte.[2]

Tràigh-ghainmhich ann am Bàgh Caswell
Location
Location
Bàgh Caswell
Suidheachadh Bàgh Caswell anns a' Chuimrigh

Goireasan

deasaich
 
Slugan carraig ann am Bàgh Caswell

Tha e furasta a dhol gu Bàgh Caswell le càr neo busaichean. Tha pàirc-chàraichean faisg air làimh agus tha busaichean a' dol do na bailtean Oystermouth agus Y Mwmbwls a tha suidhichte faisg air a' bhàgh. Chun an ear tha slighe mhath ann a leanas gu Langland Bay agus tha cas-cheum eile a' leantainn gu Brandy Cove agus Pwlldu Bay a tha san àirde an iar Bàgh Caswell.

Tha dà chafaidh ann a tha fosgailte fad na bliadhna. Tha bùth ann cuideachd. Chaidh an "Surfside Café" a mhilleadh le stoirm aig toiseach 2014, ach chaidh e fhosgladh a-rithist as t-earrach an-dèidh càradh. Tha goireasan-ionnlaid poblach (taighean-beaga is fràs) ann cuideachd.[3]

Tha Comhairle Baile Abertawe a' solarachadh seirbhisean luchd-teasairginn a h-uile latha dhen t-seachdain eadar an Cèitean is an t-Sultain.[4] 'S e àite tarraingeach airson surfadh a th' ann am Bàgh Caswell, agus tha sgoil-surfaidh suidhichte an seo far am faighear oideachas fhad na bliadhna.

Tha tèarmann nàdair ris an canar "Bishop's Wood" (coille an easbaige) air cùl a' bhàgh. Tha e daonnan fosgailte don luchd-coiseachd agus tha cothrom ann turas a chur air dòigh leis an ionad Bishop's Wood countryside centre, far am faighear fiosrachadh air bharrachd. [5] Tha Bàgh Caswell ainmeil cuideachd air sgàth 's na sluganan carraig aige. [6]

Anns na 1850an chaidh taigh ann an stoidhle Bhictorianach a thogail air mullach na creige os cionn a' bhàgh. Chaidh an togalach seo a leudachadh mar thaigh-òsta aig an robh an t-ainm "Caswell Bay Hotel".[7] Anns na 1990an chaidh na "Caswell Bay Court apartments" a thogail air an làrach far an robh taigh-òsta roimhe sin.[8]

Iomraidhean

deasaich
  1. Gwefan Cyngor Cefn Gwlad Cymru (bellach 'Cyfoeth Naturiol Cymru');. A' tarraing air 25.10.2013 (Cuimris)
  2. "The UKs top 50 beaches". Lunnainn: guardian.co.uk. 22.11.2006. Retrieved 28.10.2012. {{cite news}}: Check date values in: |accessdate= and |date= (help)
  3. "Caswell Bay Swansea". britishbeaches.info. Retrieved 11.6.2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  4. "Beaches & outdoor". City and County of Swansea. Retrieved 11.6. 2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  5. "Bishop's Wood Local Nature Reserve". Sustainable Swansea. Retrieved 11.6.2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  6. "10 rockpool hotspots". guardian.co.uk. Retrieved 11.6.2014. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  7. Morgan, P. (1981) Caswell - The Making of a Landscape. Gower journal of the Gower Society, Vol.32 (1981), td. 6-10.
  8. "Caswell Bay Court". caswellbaycourt.com. Retrieved 28.10.2012. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)

Ceanglaichean a-mach

deasaich