Assendelft
Assendelft
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Noord-Holland | ||||
Co-chomharran | 52° 28 00' Tuath 04° 44 23' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 23,459 (2017) | ||||
Àireamh fòn | +31 (0) 756 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhanach mòr ann an cridhe nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Assendelft.
B' e sgìreachd fa leth (Duitsis: gemeente) a bh' ann gu ruige 1974 nuair a chaidh a chur ri chèile le Zaanstad. Tha e suidhichte air iomall Amsterdam, ri taobh a' chanàl Binnendelf, a shruthas dhan Noordzeekaal (Gàidhlig: Canàl na Mara a Tuatha), eadar Zaandam agus IJmuiden, aig -5m fo ìre na mara,[1] anns an roinn Noord-Holland.[2] Tha 23,459 duine a' fuireach ann.[3] Rugadh am peantair Jan Saenredam (1565 - 1607) an seo.[4] Ged nach eil Amsterdam ach pìos beag air falbh bho Assendelft, tha an t-àite uabhasach fhèin dùthchail agus 's ann às a' bhaile a tha a' chearc ainmeil assendelfter.[5] A bharrachd air sin, 's ann ann an Assendelft a tha am prìomh-rathad (Duitsis: Dorpsstraat) as fhaide san dùthaich.[6]
Daoine ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Falling Rain
- ↑ Kuyper. J. (1865-1870) Gemeente Atlas van Nederland, Assendelft. Mapa na sgìre bho 1868.
- ↑ Statline
- ↑ Rijksmuseum: “Pieter Jansz. Saenredam” (nl, en.). Air a thogail 22mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Assendelfter en Noord-Hollandse Blauwen Club
- ↑ Hart van Nederland