'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Artair[1][2][3]. 'S e ainm baistidh fireann a th’ ann. 'S e ainm cumanta a th' ann, nochdaidh e ann an iomadh dùthaich Eòrpach, mar Arthur sa Bheurla, mar Artur anns na cànain Slàbhach agus Gearmanach, mar Arturo ann an Spàinntis agus mar Arttu no Artturi ann an Fhionnlannais.

Rìgh Artair, grèis-bhrat, timcheall air 1385

Bunachas

deasaich

Ged as e ainm cumanta a th' ann an Artair, chan eilear buileach cinnteach cò às a thàinig e. Tha cuid ag ràdh gu bheil freumh Ceilteach aige a tha ceangailte le Rìgh Artair a nochdas gu tric ann am miotas-eòlas meadhan aoiseach.[4] Is dòcha gun tàinig e bho na faclan Breatannach Arto-rīg-ios a chaidh a chur don Laideann mar "Artōrius" , ainm far a bheil am freumh arto-rīg- (rìgh mhathan) a' nochdadh ann an seann Gaeilge a-rithist mar ainm pearsanta Art-ri. [5]

Dh'fhàs an t-ainm Arthur fasanta anns an 19mh linn gu h-àraidh aig àm Bhictorianach nuair a nochd ùidh mhòr aig na daoine ann am miotas-eòlas meadhan aoiseach.

Cruthan eile

deasaich

Nochdaidh e mar Artur cuideachd[6]. Gu tric thèid Art a chleachdadh mar ainm meanbhach airson Artair.

Daoine air a bheil an t-ainm Artair

deasaich

mar Arthur

deasaich

ann an ainmean-àite

deasaich

ann an nobhailean

deasaich

Faic cuideachd

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dwelly, Edward, (1994 [1901-11]) The Illustrated Gaelic-English Dictionary Glasgow: Gairm, dd.1103-1030.
  2. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3 d. 714
  3. Mac an Tàilleir, Iain. "Ainmean Pearsanta" (faidhle docx). Sabhal Mòr Ostaig. d.12
  4. Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.28; ISBN 0-19-860764-4
  5. Zimmer, Stefan, "The Name of Arthur - A New Etymology ", Journal of Celtic Linguistics, Volume 13, Number 1, Am Màrt 2009, University of Wales Press, dt. 131-136.
  6. Mac Farlane, Malcom (1912). "The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language". E. Mackay. d.143