Aodh
'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Aodh[1][2] no Aoidh[3]. 'S e ainm baistidh fireann a th’ ann. Mar as trice cha chuirear an t-ainm seo don Bheurla, ach uaireannan thèid Aodh eadar-theangachadh gu Beurla mar Hugh[1][2], ged nach eil iad ceangailte a thaobh freumh-fhaclachd.
Bunachas
deasaichThàinig an t-ainm Aodh bhon ainm "Áed" ann an seann Ghaeilge. Tha sin a' ciallachadh teine. Bha an t-ainm seo gu math cumanta anns na seann làithean ann an Èirinn, gu h-àraid a-measg nan rìghrean agus ann am miotas-eòlas Èireannach.[4].
Cruthan eile
deasaichCanar cuid gur e Ùisdean eug-samhail eile airson Aodh a bhios ann[3].
Nochd an t-ainm Aodh cuideachd mar Áed, Áedán, Áedh anns an t-seann Ghaeilge. An-diugh chuireadh cruth Bheurla mar Aden, Aidan, Aiden, Aydan, Ayden air[4].
'S e Aodhán ainm meanbhach air Aodh [5].
Chithear an t-ainm Aoidhean cuideachd[2], a rèir cuid 's e eug-samhail eile ann airson Aodh [6].
Daoine air a bheil an t-ainm Aodh
deasaich- Áed mac Cináeda, Rìgh na h-Alba eadar 877 is 878
- Constantín mac Áeda, ainm eile: Còiseam mac Aoidh, Rìgh na h-Alba eadar 900 is 943
- Aodh Rua Ó Dónaill
- Aodh Mór Ó Néill
Ainmean-àite
deasaichFaic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Mac Farlane, Malcom (1912). "The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language". E. Mackay. d.143
- ↑ 2.0 2.1 2.2 Mac an Tàilleir, Iain. "Ainmean Pearsanta" (faidhle docx). Sabhal Mòr Ostaig. d.12
- ↑ 3.0 3.1 MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
- ↑ 4.0 4.1 Behind the name - Aodh
- ↑ Behind the name - Aodhán
- ↑ All baby names