B' e ministear Eaglais na h-Alba agus fear-gràmair a bh' anns an Urr. Alasdair Stiùbhart (1764 - 1821).[1] (Beurla: Rev. Dr Alexander Stewart)

An t-Urramach Dr Alasdair Stiùbhairt
Beatha
Breith Blàr Athall, 1764
Dùthaich  Alba
Bàs 1821
Teaghlach
Athair Alexander Stewart, 3rd of Strathgarry
Màthair Isabel Robertson
Clann
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd gràmadaiche

Eachdraidh-beatha agus obair eaglais

deasaich

Rugadh e ann an sgìre Blàr Athall ann an Siorrachd Pheairt.[1] Bha e na mhinistear airson Eaglais na h-Alba ann an Moulin bho 1786 gu 1805.[1]

Chaidh a ghairm a dh'Inbhir Pheofharain an uair sin far an do dh'fhuirich e bho 1805 gu 1820.[1]

Mu dheireadh, chaidh e a Dhùn Èideann, dhan eaglais Canongate bho 1820 gu 1821.[1]

Sgrìobhaidhean

deasaich

Sgrìobh e leabhar air gràmar na Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh airson a' chiad uair ann an 1801. Dh'fhoillsich e a-rithist e ann an 1812 le ùrachadh agus leasachadh. Chaidh an dreach sin ath-fhoillseachadh as dèidh a bhàis ann an 1876, 1879, 1886, 1892 agus 1901 air sgàth an t-iarrtas a bh' ann air a shon.

Sgrìobh an t-Urr. Thomas McLauchlan mu a dheidhinn 'No Grammar of any language bears on its pages the marks of real and profound scholarship, in so far as it goes, more than does the Grammar of Dr Stewart.' (Stewart 1892: iii)


Clàr-leabhraichean

deasaich
  • 1801 1d deasachadh
  • Stewart, Rev. Dr Alexander. (1801) Elements of Galic Grammar (Edinburgh: Printed by C. Stewart & co. by Peter Hill, Edinburgh and Vendor & Hood, London.)
  • 1812 2na deasachadh
  • Stewart, Rev. Dr. Alexander. (1812) Elements of Gaelic Grammar, 2nd edn, rev. (Edinburgh: C. Stewart)

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 D.E. Meek. 1993. Cameron, Nigel M. de S. (ed.) Dictionary of Scottish church history & theology (Edinburgh: T. & T. Clark), 792-3.
  • MacKinnon, Donald. (1930) The Gaelic Bible and Psalter (Dingwall: Ross-shire Print. and Pub. Co.), dd.77-8.