Albrecht Dürer
B' e dealbhadair, gràbhalaiche agus matamataigear às a' Ghearmailt a bha ann an Albrecht Dürer.
Rugadh e 21 an Cèitean 1471 ann an Nürnberg. Dh'obair e mar phreantas le Michael Wolgemut ceithir bliadhna gu 1490 is shiubhail e ann an Nördlingen, Konstanz, Colmar agus Strasbourg. Thill e gu Nürnberg far an do phòs e Agnes Frey ann an 1494 is far an do mhair e fad a bheatha. Shiubhail e anns an Eadailt ann an 1495 mus do stèidhich e bùth-obrach ann an Nürnberg agus a-rithist eadar 1505 is 1507. Chaochail e ann an 1528.[1]
Ealain
deasaichTha e ainmeil airson dealbhaidh uisge-dhathach de mhaigheach (1502)[2], fèin-phortraidean[3] agus gràbhalachd a rinn e de shròn-adharcach Innseanach ann an 1515.[4]
Matamataig
deasaichDh'fhoillsich e a' chiad ceàrnag sheunta ann an Eòrpa ann an 1514 ann am Melancholia, gràbhalachd aige. Dh'fhoillsich e cuideachd leabhar ann an ceithir iom-leabhraichean mu mhatamataig, Unterweisung der Messung mit dem Zirkel und Richtscheit ('Teagasg ann an tomhas le gobhal-roinn agus oir dhìreach') ann an 1525 is 's e a' chiad leabhar mu mhatamataig sa' Ghearmailtis a bha ann.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 O' Connor, J. J. ⁊ Robertson, E. F. (An Dùbhlachd 1996): “Albrecht Dürer (1471-1528)”. MacTutor History of Mathematics archive. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ Grovier, Kelly (19mh dhen t-Sultain 2019): “Albrecht Dürer: the painter with a 'magical touch'”. BBC Culture. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ Springer, Mike (4mh dhen Iuchar 2013): “The Genius of Albrecht Dürer Revealed in Four Self-Portraits”. Open Culture. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ “Albrecht Dürer (1471-1528) - A rhinoceros”. Royal Collection Trust. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2019.