Alasdair Caimbeul
'S e Alasdair Caimbeul (27 An Cèitean 1941) neo Alasdair a' Bhocsair sgrìobhadair à Nis, Leòdhas.
Alasdair Caimbeul | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Nis, 27 dhen Chèitean 1941 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Teaghlach | |||
Athair | Aonghas Caimbeul | ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Cànain |
Gàidhlig Beurla | ||
Dreuchd | |||
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
A bheatha
deasaichRugadh e an 27 Cèitean 1941 ann an Dail bho Dheas, Nis, Leòdhas.[1][2] 'S e a bhràthair an sgrìobhadair Tormod Caimbeul (Tormod A' Bhocsair). 'S e Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) an t-ainm a bh' air an athair, agus b' e sgrìobhadair ainmeil Gàidhlig eile a bh' ann an uncail, Aonghas Caimbeul (Am Puilean). Dh'fhuirich e ann an Drochaid Chonain an Siorramachd Rois anns an 90an.[1]
Obair sgrìobhaidh
deasaichTha e air dealbhan-cluiche, sgeulachdan goirid agus nobhailean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus Beurla. Thòisich e a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an 1984.[1] 'S e Bùth a' Bhaile a' chiad dealbh-chluich a sgrìobh e.[3] Bha e an sàs ann am buidhnean dràma, nam measg 'Na Nisich' ann an Leòdhas agus Cluicheadairean Loch Aillse.[3] Bho 1988 gu 1990 bha e na sgrìobhaiche ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.[1] Sgrìobh esan na nobhailean The Nessman agus Visiting the Bard ann am Beurla.
Bhuannaich e Duais Gasaet Steòrnabhaigh air dealbh-chluich ùr ann an 2009 aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail, agus Duais Dhòmhnaill Mheek ann an 2015 airson an nobhail aige, Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo.[4][5]
Clàr-leabhraichean Gàidhlig
deasaich- 1995. Cha Sgeul Ruin E: Taghadh De Sgeulachdan O Chaochladh ùghdaran, Acair, ISBN 0861521854
- 1989. le Aonghas MacDhòmhnaill Murchadh agus Am Bradan Steòrnabhagh: Acair
- nobhail don òigridh
- 1990. Trì dealbhan-cluiche Slèite, An t-Eilean Sgitheanach: Clò Ostaig ISBN 0951641905
- Ro-ràdh (dha Magaidh Choineagan)
- Bùth a' Bhaile
- A' Home Brew
- Dol a dh'fhaicinn Nighean an Rìgh
- 1992. Am Fear Meadhanach Conon Bridge: Druim Fraoich ISBN 1874022038 (nobhail)
- 1999. Lìontan sgaoilte Slèite, [An t-Eilean Sgitheanach]: Cànan ISBN 1897873743
- 2011. Cuid a' chorra-ghrithich Inbhir Nis: Clàr ISBN 9781900901642
- 2011. Sia Dealbhan-cluiche Inbhir Nis: Clàr ISBN 9781900901635
- An staffroom
- Toiseach an earraich
- An sgrìobhaiche
- 'S e seo do bheatha
- Na craoladairean
- Am fear a chaidh dhan eilean.
Clàr-leabhraichean Beurla
deasaich- 2000. The Nessman, Edinburgh:Birlinn, ISBN 1841580902
- 2003. Visiting the Bard, Edinburgh: Polygon, ISBN 1904598021
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, còmhdach an leabhair
- ↑ BBC Voices: Alasdair Caimbeul
- ↑ 3.0 3.1 Alasdair Caimbeul (1990) Trì dealbhan-cluiche [Slèite]: Clò Ostaig, d.7
- ↑ "The Donald Meek Awards 2016". The Stornoway Gazette. Retrieved 21 January 2017.
- ↑ Tòraidhean a' Mhòid 2009.
- ↑ BBC Naidheachdan 2015-08-28: Duais Dhòmhnaill Mheek a' dol a Nis
- ↑ Comhairle nan Leabhraichean: Duais Dhòmhnaill Meek 2015
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- Guth aige air a BhBC. Cuideachd aig Archive.org
- Lèirmheas air 'Cuid a' chorra-ghrithich' le R. Black. Foillsichte 1 Dàmhair 2011.
- "Ceòl nach mì-chòrdadh ri Rìgh Dàibhidh nan Salm" aiste a sgrìobh Caimbeul mun chiad uair a choinnich e am fìdhlear Aonghas Grannd.