Grytviken

Stèisean mhucan-mara ann an Grytviken, 1989
Suidheachadh
Dùthaich Seòirsia-a-Deas is na h-Eileanan Shandwich-a-Deas
Co-chomharran 54° 16′ 53″ D
36° 30′ 29″ I
Feartan fiosaigeach

'S e prìomh-tuineachadh ann an Seòirsia-a-Deas a tha ann an Grytviken. ‘S e am port-mara aige am fear as fheàrr a tha anns na h-eileanan seo.

Chaidh an tuineachadh air stèidheachadh air an 16mh, an t-Samhain, 1904 le caiptean Carl Anton Larsen, seòladair às an Nirribhidh. Aig an àm seo b’e stèisean mhucan-mara a bh’ ann airson a' chompanaidh iasgaich aige, an Compañía Argentina de Pesca.[1][2].

Tha bàtaichean cuairt-mhara air an t-slighe do dh’ Antargtaga a’ stad air an eilean cuideachd, mar sin dheth tha beagan turasachd ann. Tha an uaigh Shackleton inntinneach, agus tha taigh-tasgaidh beag ann an.

Tha eaglais an stèisean mhucan-mara fhathast ri cleachdadh mar eaglais, uaireannan tha bannais ann. Bha a’ chiad bhannais ann aig 24mh, an Gearran 1932.

Gailearaidh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Geografía Argentina, Santillana, Buenos Aires
  2. History of Argentina's Foreign Afairs
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: