Aimearaga a Deas

mòr-roinn
(Air ath-sheòladh o Aimearaga-a-deas)

'S e mòr-roinn a th' ann an Aimearaga a Deas , aon de na seachd mòr-roinnean, agus 's e pàirt de na h-Aimearagan. Tha an Cuan Siar air taobh an ear, agus an Cuan Sèimh air an taobh an iar, agus tha am Muir Caraibeach air an oirthir a tuath. Ged a tha Aimearaga Mheadhanach ann an Aimearaga a Tuath, san fhirinn, gu tric tha e cruinnichte le Aimearaga a Deas air sgàth gu bheil iad ann an Aimearaga Laideannach còmhla.

Aimearaga a Deas

'S e Spàinntis a tha aig a' mhòrchuid ann an Aimearaga a Deas, ach tha Braisil a' cleachdadh Portagailis (a tha gu math càirdeil ris), agus gheibhear cànanan eile ann: cànanan Eòrpach mar Beurla, Fraingis is Duitseis, agus mòran cànanan tùsach. Ged a tha an àireamh de chànanan tùsach gu math àrd, chan eil ach dà neo trì aig a bheil mòran luchd-bruidhinn ann fhathast - Quechua (cànan Incach) is Guaranaidh (cànan oifigeil ann am Paraguaidh, agus làidir)


Ainm na dùthcha
agus
bratach
Farsaingeachd
(km²)
Àireamh shluaigh
(1ad an t-Iuchar 2005 tuairmse)
Dlùths
(gach km²)
Prìomh-bhaile
An Argantain 2,766,890 39,537,943 14.3 Buenos Aires
A' Bheiniseala 912,050 25,375,281 27.8 Caracas
Boilibhia 1,098,580 8,857,870 8.1 La Paz
Sucre
Braisil 8,514,877 187,550,726 22.0 Brasília
Coloimbia 1,138,910 42,954,279 37.7 Bogotá
Eacuador 283,560 13,363,593 47.1 Quito
Na h-Eileanan Fàclainn 12,173 2,967 0.24 Stanley
Guiana Fhrangach (an Fhraing) 91,000 195,506 2.1 Cayenne
Guiana 214,970 765,283 3.6 Georgetown
Paraguaidh 406,750 6,347,884 15.6 Asunción
Pearu 1,285,220 27,925,628 21.7 Lima
An t-Sile 756,950 15,980,912 21.1 Santiago
Seòirsia-a-Deas is na h-Eileanan Shandwich-a-Deas (RA) 3,093 20 0 Grytviken
Suranam 163,270 438,144 2.7 Paramaribo
Uruguaidh 176,220 3,415,920 19.4 Montevideo
Mòr-roinnean an t-Saoghail

Afraga-Eoràisia

Na h-Aimearagan

Eoràisia

Afraga

Antargtaga

Àisia

Astràilia

An Roinn-Eòrpa

Aimearaga a Tuath

Aimearaga a Deas

Roinn a' Chuain Shèimh