Achadh na Càiridh
'S e clachan anns a’ Ghàidhealtachd a tha ann an Achadh na Càiridh (Beurla: Achnacarry).[1] Tha am baile suidhichte eadar Loch Lòchaidh is Loch Airceig. Tha Drochaid an Aonachain faisg air a' chlachan agus tha e mu 15 mìltean air àird a tuath a' Gearasdain. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 56′ 42.62″ Tuath agus 4° 59′ 53.46″ Iar.
Chaidh Caisteal Achadh na Càiridh a thogail ann an 1655 le Sir Eoghainn MacAilein Cameron. Ach chaidh an caisteal a chur às an dèidh Blàr Chùil Lodair. Ann an 1802 thogadh caisteal ùr anns an dearbh àite anns an stoidhle ris an canar Scottish Baronial style.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 177 877