Drochaid Aonachain
(Air ath-sheòladh o Drochaid an Aonachain)
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Drochaid Aonachain [1] no Drochaid an Aonachain [2] (Beurla: Spean Bridge). Tha am baile suidhichte anns a' Ghleann Mhòr. Tha na mòr-rathaidean A82 is A86 ga cheangal le Inbhir Nis agus leis a' Ghearasdan. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 53′ 36.38″ Tuath agus 4° 55′ 2.21″ Iar.
Tha stèisean aige, an Stèisean Drochaid Aonachain.
'S e Comann Camanachd Loch Abair an sgioba camanachd anns a' bhaile.
A-rèir Iain Mhic an Tàilleir thàinig ainm Beurla a' bhaile bhon drochaid thairis air Abhainn Spean; ach thàinig an t-ainm Gàidhlig 'Drochaid Aonachain' bhon fhacal 'Aonachan' (ionad-margaidh) agus tha e a’ ciallachadh: 'Drochaid aig an ionad-margaidh'. [1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 106, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Stòr-dàta SMO
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN2232381781
- BBC Naidheachdan 2016-12-20: Peilear ga lorg aig an Drochaid Bhàin (peilear bho Bhliadhna Theàrlaich)