A' Chiste Dhubh

beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd

Co-chomharran: 57°10′48″N 5°20′11″W / 57.18°N 5.3363°W / 57.18; -5.3363

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns a' Chiste Dhuibh. Tha e 979m de dh’àirde agus ’s Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Gleann Afraig air taobh tuath Gleann Seile. Tha beinn eile ann an Cinn Tàile, Sgùrr na Ciste Duibhe, agus feumar a bhith faiceallach nach bithear troimh-chèile eadar an dà bheinn.

A' Chiste Dhubh

A' Chiste Dhubh bhon Bathach, 3km san àird a deas.
Àirde (m) 979
Àirde rinneach (m) 388
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Suidheachadh Cinn Tàile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH062166

'S e a' Bheinn Rothaich iomallach a th' ann agus tha e nas fhaide ear na Còig Peathraichean Chinn Tàile agus Druim nam Bràithrean. 'S e an dòigh as cumanta a bhith ga shreap bho Chluainidh tron Chaorainn Bheag agus Bealach a' Chòinnich. 'S fhiach cuideachd dol thairis air a' Bhathach, beinn nas lugha le druim fada feurach[1] Dh'fhaodadh dèanamh air a' mhullach cuideachd bho Ghleann Afraig.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Gleann Afraig.

Iomraidhean

deasaich
  1. A' Chiste Dhubh air Walk Highlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: