Álava (provincia)
Araba
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Vitoria-Gasteiz | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 2,963 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 319,227 (2014) | ||||
Dlùths | 107.74/km² | ||||
Àireamh fòn | + (945) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Araba (IPA: aˈɾaba, Spàinntis: Álava). Tha e na laighe ann an Dùthaich nam Basgach, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Vitoria-Gasteiz a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Euskadi i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Bizkaia fad 2,963km²[3] agus tha 319,227 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an treas roinn as lugha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 9mh as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Bizkaia, Burgos, Cantàbria, Gipuzkoa, La Rioja agus Nafarroa.[5] 'S e Basgais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
deasaichTha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Alba (Gàidhlig: geal) ann an Laideann a tha an t-ainm air sàilleabh gu robh baile Ròmanach san sgìre air an rathad Ab Asturica Burdigalam eadar Astorga agus Bordeaux.[6] A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur ann à laua ann an seann Bhasgais (Gàidhlig: làn) a th e agus gun tàinig am facal gu Basgais mar Araba agus gu Spàinntis mar Álava a rèir fuaimneachadh nan cànan fhèin, leis an alt al/ar ann an Arabais.[7]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ America Pink
- ↑ Compendio foral de la provincia de Álava, Ramón Ortiz de Zárate, Editorial Maxtor, 2004
{