Àrd-diùcachd Bhaden
B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach air an àirde an iar-dheas na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1918 a bh’ anns an Àrd-diùcachd Bhaden (Gearmailtis: GroßHerzogtum Baden).[1] Chaidh Àrd Dhiùcachd Bhaden a chruthachadh nuair a chaidh Iarlachd-crìche Bhaden àrdachadh gu Àrd Dhiùcachd agus a leudachadh a thaobh talmhainn[2] ri linn atharrachadh mòr a rinn Napoleon Bonaparte air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[3] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). B’ e Karlsruhe a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Baden agus leig an t-àrd-diùc Friedrich II dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5]
Àrd Dhiùcachd Baden Großherzogtum Baden | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1806 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1918 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Karlsruhe | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 15,082 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 2,009,320 (1905) | |||||||
Dlùths | 133.23/km2 |