Àrd-bhaile
'S e a th' ann an àrd-bhaile no àrd-chathair ach cathair, no baile, a tha mòr dha-rìreabh, le tuilleadh air leth-mhillean luchd-còmhnaidh anns a' chathair-bhaile fhèin, agus le co-dhiù millean daoine a' fuireach mun cuairt air. Tha na bailtean mòra a thèid a ghabhail a-steach ann an sgaoileadh àrd-bhaile gam meas mar phàirt dheth, 's chan ann nan àrd-bhailtean iad fhèin, a chionn 's nach eil iad aig cridhe an sgaoilidh bhailteil sin.
Mar as trice, tha àrd-bhaile ann an teis-mheadhan gnothaichean eaconamach, agus aig cridhe cùisean phoilitigeach chultarach roinn no dhùthcha. Mar an ceudna, tha e na bhoillsgean, a thaobh ceanglaichean agus conaltradh roinneil no eadar-nàiseanta.
Bhathar a' meas rìgh-chathair mar àrd-bhaile a chionn 's gum b'e àite-còmhnaidh an rìgh a bhiodh ann.
Cathair chruinne/Baile mòr cruinne
deasaichThathas a' toirt tuilleadh 's a chòir eòlas air a' bhriathar seo bho chionn ghoirid a-nis air sgàth fàs dlùth-chruinneas (globalisation) san t-saoghal a th' ann (m.e. a thaobh ionmhas cruinne, conaltradh is siubhal). 'S e a th' anns a' bhun-smuain seo, cathair aig a bheil buaidh gu soilleir dìreach air cùisean an t-saoghail tro mheadhan sòiseo-eacanomaigeach, cultarach, poilitigeach. Chan e cathair chruinne a th' ann an àrd-bhaile sam bith ge-tà, agus mas e 's gu bheil e na chathair chruinne, chan fhaod sin a bhith a-rèir ìre de mhathas ann am bun-structairean, leasachadh no beò-shlàinte muinntir a' bhaile. Ma dh' fhaoidte gur e Lunnainn a' chiad chathair chruinne agus àrd-bhaile ùr-nodha riamh a bh' anns an t-saoghal. Ach, 's e àrd-bhailtean mar An Ròimh, Constantinople, Damascus, Nanjing sa leithid a bhathar a' meas mar chathraichean chruinne ann an tomhas eachdraidh.