Bhatain
(Air ath-sheòladh o Watten)
Bhatain | |
Loch Bhatain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | A' Ghàidhealtachd |
Siorrachd | Gallaibh |
Parraist | Bhatan |
Co-chomharran | 58° 28′ 18.07″ T 3° 18′ 1.32″ I |
Comharradh-clèithe | ND242544 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | KW14 |
'S e baile ann an Gallaibh a tha ann am Bhatain[1] neo a' Bhatan[2] (Beurla: Watten). Tha "Bhatain" a' tighinn bho Lochlannais vatn (loch neo poll), agus gun teagamh 's e Loch Bhatain air a bha e a' bruidhinn.
Tha am baile suidhichte air rathad mòr (A882-A9) eadar Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, mu dhà chilemeatairean deug (ochd mìlean) iar air Inbhir Ùige agus faisg air Abhainn Ùige agus Loch Bhatain. 'S e an loch as motha ann an Gallaibh a tha sin.
Bha campa prìosanaich a' chogaidh ann eadar 1943 agus 1948, bha mòran daoine Nàsach ainmeil a' fuireach ann an seo.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Watten/Bhatain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ Alba le Roy Pedersen