Ward Hill (Hòigh)
Co-chomharran: 58°54′02″N 3°20′26″W / 58.900609°N 3.34053°W
'S e beinn ann an Alba a th' ann an Ward Hill.
Ward Hill (Hòigh) | |
---|---|
Àirde (m) | 481 |
Àirde (tr) | 1578 |
Àirde rinneach (m) | 481 |
air liosta | Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Arcaibh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (6, 7) OS Explorer (462) |
Comharradh-clèithe | HY228022 |
Suidheachadh
deasaichTha Ward Hill suidhichte aig ceann a tuath eilean Hòigh ann an Arcaibh. Tha e na laighe eadar Moaness agus Rackwick. Tha Ward Hill 481m (1578 troigh) de dh'àirde agus mar sin 's i a' bheinn as àirde ann an Arcaibh.[1] Air mullach na beinne chithear càrn mòr mu 12m iar air a’ charragh triantanachaidh, a’ comharrachadh a’ phuing as àirde. Tha crann-sgaoilidh ann cuideachd. 'S e Marilyn a th' ann.
Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach bho àm gu àm. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Ward Hill air 15 am Faoilleach 2003 agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2]
Tha an àirde rinneach a' sgaradh Ward Hill glè mhath bho na beanntan eile, leithid Cuilags agus Knap of Trowieglen.
Freumh an ainm
deasaichTha an t-ainm "Ward Hill" a' tighinn bhon fhacal Lochlannais "varði" a tha a' ciallachadh tùr-rabhaidh. Nochdaidh e an-diugh mar "-ward" neo "-wart" ann an ainmean-àite Arcaibh. Gu eachdraidheil bha e cumanta airson a' bheinn as àirde anns an eilean air sgàth 's gum b' e sin an t-àite a b' fheàrr gus teine-rabhaidh a lasadh.[3]
Fiadh-bheatha
deasaichGed nach eil mòran craobhan dùthchasail rim faicinn ann an Hòigh, tha caorainn, calltainn (Corylus avellana), crithinn, beithean (Betula pubescens) is seilich (Salix atrocinera) a' fàs fhathast air na leargaidhean Ward Hill.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ Orkney Placenames - natural elements" Orkneyjar (Beurla). Air a tharraing 31.8.2015
- ↑ Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 344; ISBN 9781847672773
Dealbhan
deasaich-
Mullach na beinne
-
Crann-sgaoilidh agus leac thriantanachd.
-
Sealladh air Ward Hill bho Dwarfie Stane.
-
Sealladh air Ward Hill bho Scorradale.