Cuilags
Co-chomharran: 58°54′37″N 3°22′24″W / 58.910386°N 3.373378°W
'S e beinn ann an Alba a th' ann an Cuilags.
Cuilags | |
---|---|
Àirde (m) | 435 |
Àirde (tr) | 1427 |
Àirde rinneach (m) | 319 |
air liosta | Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Arcaibh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (7) OS Explorer (462) |
Comharradh-clèithe | HY209033 |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte aig ceann a tuath an eilean Hòigh ann an Arcaibh. Tha e 435m (1427 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear trì cùirn mòra. 'S e an treasamh càrn bhon ear a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Marilyn a th' ann.
Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach bho àm gu àm. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Cuilags san 7 an t-Iuchar 2008 agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2]
Tha an àirde rinneach (319m) a' sgaradh Cuilags glè mhath bho Ward Hill, tha na Glens of Kinnaird eadar an dà bheinn. Tha Cuilags na màthair-mhullaich den bheinn Sui Fea.
Fiadh-bheatha
deasaichGed nach eil mòran craobhan dùthchasail rim faicinn ann an Hòigh, tha caorainn, calltainn (Corylus avellana), crithinn, beithean (Betula pubescens) is seilich (Salix atrocinera) a' fàs fhathast aig bonn nan leargaidhean Cuilags.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 344; ISBN 9781847672773
Dealbhan
deasaich-
Cuilags
-
Leargaidh air taobh an ear Chuilags
-
Suidheachadh Cuilags is Lounders Fea air an làimh dheas le Ward Hill air a chùlaibh.