'S e aon de na Ostfriesische Inseln (Eileanan Frìosach an Ear) a tha ann an Wangerooge. Tha e suidhichte anns a' Chuan a Tuath taobh an ear air an eilean Spiekeroog. Tha Wangerooge mu seachd cilemeatair air falbh bho chladach Niedersachsen ann an taobh tuath na Gearmailt.

Wangerooge

Tha an t-eilean cho mòr ri 7,94 km² agus mar sin 's e Wangerooge an dàrna eilean as lugha de na h-Eileanan Frìosach. Tha e na phàirt dhen phàirc-nàiseanta Lower Saxony Wadden Sea National Park.

Ann an 2008 bha 933 duine a’ fuireach ann.

Tha aiseagan a' ruith gu Wangerooge, chan eil e ceangailte le drochaid gu tìr-mòr. Ach ma bhios a' mhuir air falbh 's uarrainnear a' coiseachd bho thìr-mòr chun an eilein. Tha càraichean toirmisgte ann an Wangerooge.

Tha gnìomhachas tùrasachd gu math làidir an seo.

Tha taigh-tasgaidh anns an seann taigh-solais ann am meadhan a' bhaile. Tha taisbeanadh ann far am faicear rudan ceangailte le eachdraidh an eilein agus leasachadh roinn turasachd ann an Wangerooge. Taobh a-muigh chithear am bàta Gesina, bàta-teasairginn a bha air a chleachdadh bho 1971 gu 1981.

Gus 1930 bhathar a' bruidhinn Wangerooger Friesisch (Frìosais Wangerooge), cànan Innd-Eòrpach a tha dluth cheangailte ri Gearmailtis agus Beurla. Còmhla ri Saterfriesisch b' e sin aon de na cànanan a tha a' buntainn don teaghlach cànain Frìosach an Ear a mhàir beò tro na linntean.

Ach thachair tuiltean uabhasach stoirmeil anns a’ gheamhradh 1854, bhris an dàrna leth den eilean don mhuir. Sin a b’ adhbhar gun deach a’ chuid a bu mhotha de mhuinntir an eilein a ghluasad gu tìr-mòr. Bha an cànan air a bhruidhinn le 400 luchd-labhairt aig an àm ud, ach dh’fhan 85 dhiubh air an eilean. Air tìr-mòr, anns a' chuairteachadh ùr, sguir iad Frìosais a bhruidhinn. Chaochail am fear mu dheireadh aig an robh Wangerooger Friesisch ann an 1930 ann an Wangerooge agus air tìr-mòr ann an 1950.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. Versloot, A. P. (2001). Das Wangeroogische. Ann an H. H. (deas), Handbuch des Friesischen (tdd. 423 - 429). Tübingen: Niemeyer.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: