Värmlands län
Värmlands län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Karlstad (en) | ||||
Stèidhichte | 1779 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 17,583 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 275,904 (2015) | ||||
Dlùths | 15.69/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 05 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Värmlands län (Suomais: Värmlannin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Dalarnas län. 'S e Karlstad a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1779. Sìnidh Värmland län fad 17,583km² agus tha 275,904 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an ochdamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 11mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis a tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 16 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Karlstad agus Sunne nam measg.
Freumhan an ainm
deasaichGed nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à vœrma/vœrmo (Gàidhlig: ar) agus land (lann/tìr) ann an Suainis a tha an t-ainm.[2] Chaidh an t-ainm a chur gu Laideann mar Vermelandia.
Eachdraidh
deasaichChaidh an roinn a chruthachadh nuair a chuireadh sgìrean mòra ann an Närke agus Värmland ri chèile. B' e Johan Gustaf friherre Uggla a' chiad riaghladair nan roinne.[3]
Bailtean
deasaichDaoine ainmeil
deasaich- Selma Lagerlöf, (1858 - 1940). A' chiad bhean a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas a-riamh.