Uicipeid:San latha an-diugh/5 dhen Dàmhair
'S e 5 an Dàmhair an 278mh latha dhen bhliadhna.
- 1546 – Chaochail an ceannsaiche Spàinnteach Jorge Robledo ann an La Merced.
- 1839 – Rugadh Eugène Varlin ann an Claye-Souilly. Leabhar-cheangladair agus rèabhlaideach às an Fhraing.
- 1849 – Chaidh an solas ann an Taigh-solais Àird nam Murchan a losgadh airson a' chiad turais.
- 1886 – Rugadh am fear-aithris Han Hollander ann an Deventer.
- 1982 – Chaochail Séamus Ennis, ceòladair, seinneadair agus cruinniche-ciùil Èireannach.
- 2011 – Chaochail Steve Jobs, fear-gnothaich agus innleadair às na Stàitean Aoinichte.
- 2015 – Chaochail an sgrìobhadair Suaineach Henning Mankell ann an Göteborg.