Uicipeid:San latha an-diugh/27 dhen Lùnastal
'S e 27 an Lùnastal an 239mh latha dhen bhliadhna (240mh ann am bliadhna-leum).
- 1590 – Chaochail Pàpa Sixtus V, ann an Cathair na Bhatacain.
- 1635 – Chaochail Lope de Vega, bàrd agus sgrìobhadair Spàinnteach.
- 1872 – Rugadh Carl Bosch, ceimigear às a' Ghearmailt.
- 1928 – Rugadh Osamu Shimomura, ceimigear às an t-Seapan.
- 1983 – Rugadh Jamala, seinneadair Ucràineach a bhuannaich an Eurovision Song Contest 2016.
- 2003 – Thàinig Màrs as fhaisge air an Talamh anns na 60,000 bliadhnaichean mu dheireadh.