Uicipeid:Pròiseact nan Oileanach
2012
deasaichBha pròiseact airson oileanach a' ruith ann an 2012 ann an Sabhal Mòr Ostaig.
Bha sinn an dòchas luchd-sgrìobhaidh a bharrachd a chruthachadh don Uicipeid, cothrom a thoirt do na h-oileanaich rud feumail a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus cothrom a thoirt dhaibh na seann aistean a sgrìobh iad don Cholaiste a "ath-chuairteachadh" gus duilleagan ùra a thòiseachadh air an Uicipeid.
Seo liosta de na h-oileanach a bha an sàs anns a' phròiseact seo:
Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo: Coimpiutaireachd airson na Gàidhlig
2013
deasaichAig deireadh 2013 thòisich Caoimhin air bùthan-obrach seachdaineil a dhèanamh anns a' Cholaiste le cuideachadh bho Shionnach via Skype.
2014
deasaichSan Fhaoilleach 2014 bha bùth-obrach ann ann am Bonn, a' Ghearmailt. Mòran taing airson an taic-airgid a fhuair sinn bho Wikimedia Deutschland gus am bùth-obrach a chur air bhonn.
Rinn sinn bùth-obrach eile san 29mh an Cèitean 2014. Mòran taing airson an taic-airgid a fhuair sinn bho Wikimedia UK gus am bùth-obrach a chur air bhonn.
Bhiodh e math nam biodh daoine eile a' toirt taic agus misneachd do na cleachdaichean ùra.
2015
deasaich2016
deasaichFeasgar làn fiosrachaidh mu Uicipeid sa Ghiblean le Caoimhin agus Sionnach. Thàinig còignear agus dithis an dèidh làimh.