Uicipeid:Pròiseact Uicipeidiche/Tachartasan/Snaidhm Cheilteach
An t-Snaidhm Cheilteach
Chaidh a' cho-labhairt An t-Snaidhm Cheilteach a chumail ann an Dùn Èideann air 6 Iuchar mu phròiseactan Wikimedia agus mion-chànain. Chuireadh air dòigh e le Oilthigh Dhùn Èideann agus an neach-wikimedia aca, Ewan McAndrew còmhla ri Wikimedia UK.
An lathair, bha Susan.nls, Akerbeltz agus ceathrar eile le Gàidhlig ach nach eil (fhathast) an sàs ann an Uicipeid. Tha barrachd fios mun cho-labhairt airduilleag na co-labhairt.
Tha iomradh air cuid de na thachart ann an seo. Gu sònraichte tha fios mu na còdaichean Wikidata a dh'fhaodadh cur an gnìomh.
Taisbeanaidhean
deasaich- Jason Evans, Wikimedian air Mhuinntireas aig Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh
- Iñaki Lopez de Luzuriaga – Basque Wikimedians User Group.
- Astrid Carlsen & Jon Harald Søby – Wikimedia Norge (Nirribhidh)
- Léa Lacroix - Manaidsear Pròiseact do Wikidata, Wikimedia Deutschland
Bha cuideachd an làthair
- Rebecca O'Neill – Wikimedia Ireland
- Mark Trevethan - Cornish Language Lead, Cornish Council.
Wikidata
deasaichTaic nam Basgaich
deasaichGhabh mi an cothrom bruidhinn ri Galder Gonzalez, Manaidsear Prògram le Basque Wikimedians User Group. Tha an Uicipeid Basgais (eu.wikipedia.org) a' cleachdadh còd gus bogsaichean fiosrachaidh a' lìonadh bho WikiData. Chuir Galder aon bhogsa (am bogsa air eachdraidh-beatha) an gnìomh; a' cruthachadh agus ùrachadh nan teamplaidean agus moidealan iomchaidh. Tha sinn fada an comain Galder airson a chuid obrach agus taic.
Tha sinn gu mòr an comain nan sgilean Basgais aig Akerbeltz cuideachd a rinn eadar-theangaichean air na faclan Basgais sa chòd.
Am Bogsa Fiosrachaidh Eachdraidh-Beatha
deasaichThug Akerbeltz iomradh air an còd airson Bogsa Eachdraidh-beatha an seo agus tha barrachd comhairle ann an sin. 'S e {{Bogsa eachdraidh-bheatha}} an aon loidhne a dh'fheumas a chur ann. Chan eil a h-uile càil a' coimhead snasail is sgiobalta fhathast, mar sin, thoir an aire gu bheil rudan a' nochdadh mar bu chòir.
Bogsaichean-fiosrachaidh eile
deasaich'S dòcha gu bheil mi ro thràth a' cheist a thogail agus sinn fhathast a' cur a' bhogsa eachdraidh beatha an gnìomh, ach saoil dè an ath bhogsa a bhiodh feumail dhuinn? Seo cuid de na beachdan a th' agam
- Dùthaich: rachadh ainmean nan ceannardan, àireamh-sluaigh ùrachadh sa bhad.
- Sgìre-phàrlamaid:
- Sgioba Spòrs:
- Luchd-/neach-ciùil:
Tha e coltach gu bheil aig na Basgaich:
- Sgìrean na h-Eadailt me: Revine Lago
- Sgìrean na Gearmailt ma: Wachtberg (Alemaniako udalerri infotaula automatikoa)
- Ceòl (chan eil e soilleir dhomh an e còmhlan-ciùil na clàran {{musika infotaula automatikoa}} Teamplaid
- Ainmhidhean {{taxotaula automatikoa}} Teamplaid
AWB
deasaichChaidh moladh gum b'urrainnear am bogsa eachdraidh-beatha a chur air gach duilleag daonna le bot 'AWB'. Leis sin, chuireadh an AWB am bogsa a-steach far a bheil an nì Wikidata ag ràdh gur ann air mac-an-duine a tha an duilleag. Ged-tà, leis gu bheil eadar-theangachaidhean agus ceanglaichean on bhogsa a tha fhathast mì-shoilleir, chan eil mi fhìn a' moladh sin. Tha teans ann cuideachd gu bheil fiosrachadh air an duilleag Uicipeid nach eil air Wikidata fhathast. Tha mi a' moladh gun cleachd sinn an còd a th' againn mean air mhean, a' dèanamh cinnteach air gach duilleag gu bheil e ag obair mar bu chòir.
Còd WikiData sìmplidh
deasaichAnn am bùth-obrach WikiData, fhuair mi an còd a leanas bho Léa Lacroix
- {{#property:P6|from=Q145}}
Tha an còd a' tarraing fiosrachadh gu fèin-obrachail bho WikiData. San eisimpleir ud
- P6 = 'ceannard an riaghaltais'
- Q145 = 'An Rìoghachd Aonaichte'
mar sin nuair a chuireas mi an gnìomh e, seallaidh e ainm a' Phrìomhaire aig an Rìoghachd Aonaichte. Seo an còd ag obair:
- Keir Starmer
Agus am broinn [[ ]] nì e ceangal Uici àbhaisteach
Le bhith ag atharrachadh an àireamh Q gu dùthaich eile, obraichidh e airson prìomh-mhinistear/chancellor msaa. Seo prìomh-mhinistearean eile:
Obraichidh iad taobh a-staigh bogsaichean fiosrachaidh. Chì sibh an dà eisimpleir seo ag obair duilleagan nan dùthchannan ud.
Le bhith ag atharrachadh an àireamh P, faodar rudan eile a' tarraing leithid ball-pàrlamaid aig sgìre, no àireamh-sluaigh. Ged a tha e a' toirt ùine na h-àireamh ceart a' lorg, an uair sin bidh am fios as ùr aon uair 's gun atharraich cuideigin (bho na mìltean de chleachdaichean air feadh an t-saoghail) ann an WikiData e.
Ma tha thu a' smaointinn gu bheil thu airson a chur gu feum, nach innse thu dhomh air an duilleag deasbaireachd seo air neo air an duilleag agam.
Na Geamannan Wikidata
deasaichTha geamannan air an dèanamh le Wikidata far an tèid fiosrachadh Wikidata leasachadhan seo.
- Log a-steach
- Briog air a airson 'settings'. Cuir a-steach 'gd,en' far a bheil e ag ràdh 'Your languages' (airson Gàidhlig agus Beurla. Cuir còd cànain eile ann mas fheàrr leat). Briog air 'Save'. Briog air 'The Distributed Game' a-rithist.
- S toil leamsa 'Match new articles to items' agus 'Merge items'