Uicipeid:Leabhar-aistridh nan cleachdair ùra
Hallo, agus fàilte do'n Wikipedia! Ma tha sibh ùr ris a'choimhearsnachd againne an seo, no eadhan ma's e siolpair a th'annaibh o chionn fhada, nach fhàgaibh sibh sgrìobag an seo, ag innse dhuinn beagan mu'r deidhinn.
Bu toigh leinn beagan fios air na h-ùidhean agaibh, is na cuspairean air a bheil sibh eòlach. Bhitheamaid nur comain, cuideachd, ma dh'innseas sibh ciamar a fhuair sibh fios mu dheidhinn a'Wikipedia Ghàidhlig.
A chur an tuairisgeul agaibh ris an liosta, briogaibh an seo, agus sgrìobhaibh an t-ainm agaibh anns a'bheàrn cuspair. Cuideachd, nach cuiribh sibh an t-ainm-cleachdair agaibh ris an teachdaireachd ma's e ur toil e, le bhith clo-sgrìobhadh ceithir "tilde", mar seo: ~~~~ gus am faod leuchd-leughaidh a leum dìreach do'n duilleig-còmhraidh agaibhse, agus fàilte pearsanta a chur oirbh, ma thogras iad.
Eòghan
deasaichHaidh, seo Eòghan, dìreach a'dèamamh cinnteach gu bheil an rud seo ag oibreachadh gu ceart! Eoghan 01:57, 21 Dec 2004 (UTC)
Fhuair mi fios mu dheidhinn a'WP an tòiseach sa cholbh teicneòlach sa phaipear-naidheachd ionadail agamsa. Bha uimhir drùidhteach de stuth ann cheana, agus nuair a leugh mi anns an aiste mun cuairt na Gàidhlig gun robh WP gu lèir sa Ghàidhig fhèin, thainig mi'n seo!
Tha uidh (is beagan fios) agam air cuspairean saidheansach is cànanachasach. Eoghan 00:51, 22 Jan 2005 (UTC)
Derek Ross
deasaichTha mi à dh'Obar Bhrothaig. 'S toil leam eachdraidh, coimpiutaireachd, cànanaich agus dàn-chluiche. Leugh mi an Wikipedia gach là. -- Derek Ross | deasbair 07:09, 21 Dec 2004 (UTC)
Meatbong
deasaich'S toil leam Bong agus 's toil leam Meat no feoil, 's mar sin 's mise Meatbong, An t-Eadailteach gun naire. CUideachd 's toil leam Fiorentina (nach maireann),Forza Na Purpaidh! Speis is Gaol a chairdean.