Fàilte do'n Wikipedia!

Tha an Wikipedia na leabhar mòr-eòlais air a sgrìobhadh gu co-oibricheil leis an luchd-leughaidh aige fhèin. Tha an làrach-lìn a' cleachdadh an teicneòlais "wiki", leis a' bhuil gum faod neach sam bith, sibhse cuideachd, cha mhòr aiste sam bith a dheasachadh le bhith a' briogadh air an dòrnais deasaich an duilleag seo a nochdas air bàrr gach duilleig.

Rùrachadh Wikipedia

deasaich

Tha sinn a' rùnachadh leabhar mòr-eòlais a thogail le uimhir mhòr fiosrachaidh a' gabhail a-staigh cuspairean air poileataics, saidheans, eachdraidh, ceòl, creideamh, cultar, is spòrs. Feuchaibh ruith a thoirt air na gnèithean iomadach an dràsda.


Rùraich Wikipedia - Aithghearran nan aiste - Clàr-amais aibidealach - Innleachdan gnè eile

Is urrainn dhuibh rannsachadh airson teacsa ann an aistean no tiotalan aiste. Dìreach theirigibh don bheàrn "lorg" air an taobh chlì, cuiribh na briathran-rannsachaidh a-steach agus briogaibh air "lorg". Dh'fhaoite gum bi an goireas-rannsachaidh dualach air a chur bho fheum fhad 's a tha am frithealaiche an-luchdaichte, agus mas e sin a' chùis, thèid ur n-ath-stiùireadh ri Google airson stòr-dàta Wikipedia a rannsachadh.

Ma leughas sibh rudeigin a chòrdas ribh, nach fhàg sibh sgrìobag air duilleag-labhairt na h-aiste? An toiseach, taghaibh an dòrnais deasbair (gheibhear e anns na tabs air bàrr na duilleig) a ruigheachd na duilleig-labhairt. Taghaibh deasaich an duilleag seo air an duilleag-labhairt an uairsin, no briogaibh air an "+" air taobh deas an deasaich an duilleag seo a chur facal ùr no dhà sìos. Is toigh leinn uile beagan cùlanach moltach!

Ma tha ceist no iarrtas agaibh, no mur urrainn dhuibh rudeigin a lorg, nach fhàg sibh sgrìobag aig an deasg cobhair.

Deasachadh

deasaich

Faodaidh neach sam bith duilleagan Wikipedia a dheasachadh — fiù 's an duilleag seo fhèin! Cha leig sibh leas ach briogadh air an dòrnais deasaich an duilleag seo aig bàrr gach duilleig (as aonais nan duilleag "dìonta") ma tha sibh am beachd gum feum e leasachadh no fiosrachadh ùr. Chan fheum sibh rud sam bith àraidh, eadhan a bhith air ur cur a-steach. Ma tha sibh ag iarraidh archuisg bheag a dhèanamh an toiseach, gun chunnart bùrach a dhèanamh air fìor aiste, dìreach tadhalaibh air an àite-cluiche, far am faod sibh ur sgilean deasachaidh a ghnàthachadh.

Cleachdaibh Wikipedia mar a chleachdadh sibh leabhar mòr-eòlais eile, ach ma mhothaicheas sibh seachran — mì-litreachadh, mar eisimpleir, no abairt nach eil soilleir — dìreach briogaibh air deasaich an duilleag seo agus càraichibh e! Bithibh dàna an uair a dheasaicheas sibh duilleagan; ma chì sibh dòigh gus duilleag a leasachadh, dèanaibh e. Na leigibh cus dragh oirbh gun dèan sibh mearachdan; is dòcha gun càraich cuideigin eile as ur dèidh e. A-bharrachd air a-sin, tha a h-uile dreach aig gach duilleig taisgte anns an stòr-dàta; mar sin, is urrainn dhuinn seann lethbhreac a dh'aiseag ma dh'fheumas sinn agus cuideachd, faodaidh a h-uile deasachadh a bhith air a lorg.

Ged a tha mòran aistean ann am Wikipedia mu thràth (15,984 anns a' Ghàidhlig leis a' chùnntas mu dheireadh), tha an Wikipedia a' sìor-fhàs le aistean ùra air an sgrìobhadh le daoine coltach ribh fhèin. Faodaidh sibh aiste a thòiseachadh as ùr, no earrann ùr a chur ri aiste a th' ann mu thràth.

Steòrnaidhean

deasaich

Bu chòir dhuibh sùil a thoirt air na steòrnaidhean is seòlaidhean a th' againne. Is iad na trì stèidhean as riatanaiche Neo-phàirteachd, an Cead GFDL, agus Sìobhaltachd. Dè as ciall do sin?

  • Feumaidh modh-sgrìobhaidh neo-phàirteil agus gun chlaon-bhàigh a bhith air na h-aistean. Bu chòir beachdan an aghaidh a bhith taisbeanta gu cothromach is gu co-mhothachail.
  • Tha uile na cuideachaidhean ris a' Wikipedia air an leigeil mu sgaoil fo chùmhnantan a' Chead GNU Aithriseachd Saor (GFDL).
  • Sìobhaltachd. Chan oibricheadh an Wikipedia gun urram is sìobhaltachd a-rèir a chèile. Saoilibh muinghin an uair nach eil sibh a' gabhail le cuideigin. Is e deagh chleachdainn aithghearr deasachaidh a dh'ullachadh air chor 's gun cuidich sibh càch na mùthaidhean agaibh a ghabhail.

Na caillibh misneachd

deasaich

Ma thachras sibh air strì leis na chiad oidhirpean deasachaidh agaibh, na leigibh dragh oirbh. Bidh còmhragan anns a h-uile tionnsgnadh co-oibricheil.

Ma tha rudeigin ann nach tuig sibh — ge b' e teicneòlach no sòisealta — agus mur eil sibh cinnteach far am feum sibh lorg, dìreach cuir a' cheist aig an deasg cobhair agus bidh cuideigin toilichte ur cuideachadh.

Nise, faigh beagan spòrs!

Ceangal leinn?

deasaich

Faodaidh neach sam bith deasachadh, ceart gu leòr, ach bidh tairbhe ann dhuibh ma chruthaicheas sibh cùnntas, gu h-àraid ma tha sibh a' rùnachadh a sgrìobhadh gu minig. A chur ann, cruthaich cùnntas an toiseach agus, as dèidh sin, cuiridh sibh an aithne a' choimhearsnachd aig leabhar-aistridh nan cleachdair ùra.