Tha an duilleag seo a' mìneachadh na poileasaidhean a dh'aontaich a' choimhearsnachd a thaobh ainmean leabhraichean air Uicipeid na Gàidhlig. Feuch is na atharraich na riaghailtean gun deasbad roimhe air duilleag na deasbaireachd.
Poileasaidh ainmean leabhraichean
1) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig airson leabraichean a bha air an sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig:
2) Cleachdaidh sinn cruth Gàidhlig airson leabraichean a nochd an clò mar eadar-theangachadh do Ghàidhlig, ach feumaidh ath-threòrachadh a bhith ann:
- a) Air aiste an leabhair fhèin, feumaidh an cruth tùsail a nochdadh ann an toiseach na h-aiste.
- b) Air aiste eile, m.e. aiste sgrìobhadair an leabhair, cleachdaidh sinn an cruth Gàidhlig, leis a' chruth thùsail ann an camagan a' chiad turas a tha an leabhar air ainmeachadh:
3) Cleachdaidh sinn cruth tùsail airson leabraichean nach do nochd an clò mar eadar-theangachadh do Ghàidhlig:
- a) Air aiste an leabhair fhèin, bu chòir dha eadar-theangachadh do Ghàidhlig a nochdadh ann an toiseach na h-aiste.
- b) Air aiste eile, m.e. aiste sgrìobhadair an leabhair, cleachdaidh sinn an cruth tùsail, leis a' chruth Ghàidlig ann an camagan a' chiad turas a tha an leabhar air ainmeachadh:
- c) Mur e leabhar Beurla a tha ann ach nochd e an clò ann an eadar-theangachadh Beurla, bu chòir dhan ainm Beurla a leantainn an eadar-theangachadh Gàidhlig, agus bu chòir dha ath-threòrachadh a bhith ann:
- d) Mur eil an t-ainm san aibidil Laidinneach, cleachdaidh sinn tar-sgrìobhadh oifigeil, mar eisimpleir ISO-9 airson tar-sgrìobhadh na h-aibidil Cirilich, a' leantainn leis an eadar-theangachadh do Ghàidlig agus an litreachadh thùsail. Ma nochd an leabhar an clò ann an eadar-theangachadh Beurla, leanaidh an t-ainm Beurla cuideachd, agus bu chòir dha ath-threòrachadh a bhith ann:
- ✔ Vojna i mir (Cogadh is Sìth, 1869; Война и мир san aibidil Ruisis, air fhoillseachadh mar War and Peace sa Bheurla)
|