Tuna
Tuna | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An t-Suain |
Ceàrn | Kalmar län |
Sgìre | Vimmerby kommun |
Co-chomharran | 57° 34 36' Tuath 16° 06 20' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 28.63 km² |
Àireamh-shluaigh | 227 (2013) |
Dlùths | 7.93/km² |
Àireamh fòn | (+46) 08 |
'S e baile beag (Suainis: tätort) agus socken (Suainis: Baile Fearainn) na sgìre-riaghlaidh Vimmerby kommun, ann an cridhe na Suaine a th' ann an Tuna. Tha e suidhichte eadar Kalmar agus Linköping, air an dùthaich,[1] anns an sgìre Kalmar län, 137km air falbh bho Uppsala agus 318km bho Stockholm.[2] Chan eil ach 227 duine a' fuireach ann.[3]
Freumhan an Ainm
deasaichGed nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo chio soilleir, tha a h-uile coltas ann gur ann à tūn (dùn) a th' ann.[4] Bheireadh sin An Dùn dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha an eileamaid seo gu math cumannta ann an cuid de sgìrean ann an Lochlann.[5]
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1322. Bhuineadh an sgìre air fad dhan teaghlach uachdaran Hammarskjöld fad linntean. Thàinig an Rathad-iarainn dhan bhaile anns an 19mh linn.