Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal)

'S e sgrìobhadair, ministear agus deasaiche a bha anns an Urr. Tormod MacLeòid is Caraid nan Gàidheal far-ainm dha.

Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal)
Moderator of the General Assembly of the Church of Scotland (en) Translate

Beatha
Breith 1783
Bàs 1862
Teaghlach
Athair Norman MacLeod
Cèile Agnes Maxwell (en) Translate
Clann
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair

Rugadh agus thogadh e anns a' Mhorbhairne far an robh athair dha na mhinistear 2 an Dùbhlachd 1783. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu agus aig Oilthigh Dhùn Èideann agus fhuair e ceadachas searmonachaidh o chlèir Mhuile ann an 1806. Chaidh e na mhinistear an dèidh sin ann an Cill Bhreanain. Ann an 1808 chaidh e na mhinistear ann an Ceann Loch Chille Chiarain far an do phòs e ri Agnes Maxwell. Fhuair e dotaireachd bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1824 agus an dèidh sin chaidh e na mhinistear ann an Camaisidh.

Ann an Camaisidh thrus e na pìosan roisg agus bàrdachd ann an Co’Chruinneachadh, air a Chur r’a chéile air Iarrtas Comuinn Ard-Sheanadh Eagluis na h-Alba; arson an Sgoilean, air feadh Tìr-mòr agus Eileana na Gaeltachd airson sgoiltean[1] agus ann an leabhair eile, Leabhar nan Cnoc.[2]

Chaidh e gu Glaschu ann an 1836 agus na mhodaratair Eaglais na h-Alba aig àm na Dealachaidh. Thog e airgid airson nan goirteach ann an 1836 agus 1846. Bhàsaich e 25 an t-Samhain 1862 aig aois 79. Chaidh a thìodhlachadh ann an Glaschu.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Co'Chruinneachadh”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig. Air a thogail 23mh dhen t-Sultain 2024.
  2. Leabhar nan Cnoc”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig. Air a thogail 23mh dhen t-Sultain 2024.
  3. Caraid na Gàidheal”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig. Air a thogail 23mh dhen t-Sultain 2024.

Ceanglaichean a-mach

deasaich