Tionndadh Gnìomhachais

(Air ath-sheòladh o Tionndadh-gnìomhachais)

'S e atharrachadh mòr eaconomach, teicneòlach, gnìomhachasail sòisealta a bh' anns an Tionndadh Gnìomhachais. Ghabh a' chiad Tionndadh Gnìomhachais àite ann am Breatainn aig deireadh na 18mh linn agus rè na 19mh linn. Mar is tric, measar 1709 (nuair a lorg Abraham Darby gu robh gual-rosta na connadh freagaireach ri leaghadh-iarruinn) mar toiseach an linn seo, ach laigheadh a' bhun-steidh an Sasainn rè linn na ban-righ Ealasaid.

Taighean Gnìomhachais ann an Lannraig Ur bho àm a' Thionndaidh Ghnìomhais

Linn ann an Eachdraidh Breatainneach, anns an do ghearr eaconomaidh na stàite car a' mhuiltean, bho eaconamachd stèidhichte air aiteachais, ri eaconomaidh steidhichte air gnìomhachas. An co-bhonn le seo, chrion an sluagh a bha nan comhnaidh ann am bailtean-fhearann, ach mheudaich am bloigh den shluagh a bha na comhnaidh ann am bailtean-mòra. A rèir feallsanachd Mharxach, b' e a' Bhùirdeasachd a bh' anns a' chlas sòisealta a thug seilbh air an dòigh-dhèanaimh tron Tionndadh Gnìomhachais.[1]

IomraidheanDeasaich

  1. Byrne, Frank J. Becoming Bourgeois: Merchant Culture in the South, 1820–1865. University Press of Kentucky, Lexington, 2006.