Aonadh nan Crùintean
An dèidh do Ealasaid I, Ban-Rìgh Shasainn, bàsachadh gun sliochd, chaidh a crùn is a slat rìoghail a bhuileachadh air Rìgh Seumas VI Alba anns a' bhliadhna 1603, agus 's e Seumas I Shasainn a bh' ann san an uair sin. Bho sin air adhart 's e Rìghrean Breatainn Mòr a bha a' riaghladh. 'S e Aonadh nan Crùintean a their an luchd-eachdraidh ris an tachartas seo, agus beagan còrr is ceud bliadhna às a dhèidh rinneadh Aonadh nam Pàrlamaid eadar riaghaltas Alba is Sasainn agus chaidh an Rìoghachd Aonaichte a stèidheachadh.
Rìghrean Breatainn Mhòr agus an Rìoghachd Aonaichte
Stiùbhairt | Anna (1707–1714) |
Hanòbhar | Seòras I (1714–1727) • Seòras II (1727–1760) • Seòras III (1760–1820) • Seòras IV (1820–1830) • Uilleam (1830–1837) • Bhictoria (1837–1901) |
Windsor | Eideard VII (1901–1910) • Seòras V (1910–1936) • Eideard VIII (1936) • Seòras VI (1936–1952) • Ealasaid (1952–2022) • Teàrlach III (2022–) |