Taigh Shambellie
Fiosrachadh
Stoidhl Baranach
Bliadhna 1854
Ailtire David Bryce
Seòladh A710, An Abaid Ùr, DG2 8HQ
Dùthaich Alba

'S e taigh agus oighreachd faisg air An Abaid Ùr ann an Siorrachd Chille Chùithbeirt a tha ann an Taigh Shambellie. An dèidh an t-Ath-Leasachaidh fhuair na Stiùbhartaich am fearann a bha aig an abaid timcheall air an Abaid Ùr is thog Teàrlach Stiùbhart muileann-snaoisein air an oighreachd. Dh'fhast Uilleam Stiùbhart David Bryce mar ailtire ann an 1854 is thog e Taigh Shambellie. Ro-mheas Bryce eadar £2700 is £2800 airson an togalaich ach dhiùlt an Stiùbhartach seo a phàigheadh. Thog Bryce togalach nas lugha le stuthan nas cunnaraiche. Aig dheireadh cosg an taigh £3000 is dh'fheum e luchd-lagha a phàigheadh an dèidh do chasaid le Bryce.[1] Dh'obraich am peantair Francis Cadell aig Taigh Shambellie agus b' e Ted Stiùbhart à Shambellie a bha na neach-cùraim tiomnaidh aige.[2] Dh'fhuirich na Stiùbhartaich anns an taigh gu ruige 1977 nuair a chaidh taigh-tasgaidh aodaich a stèidhicheadh ann. Chaidh an taigh-tasgaidh a dhùnadh ann an 2013.[3] 'S ann le urras air a bheil Shambellie House Trust a tha an taigh an latha an-diugh is iad airson tachartasan cruthachail a chumail ann.[4]

Iomraidhean

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. New Abbey, Shambellie House”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 18mh dhen Dàmhair 2020.
  2. Francis Campbell Boileau Cadell”. Kirkcudbright Galleries. Air a thogail 18mh dhen Dàmhair 2020.
  3. History of Shambellie House”. Taigh Shambellie. Air a thogail 18mh dhen Dàmhair 2020.
  4. Shambellie House Trust