Francis Cadell
B' e peantair à Alba agus fear de na Dathaichean Albannach a bha ann am Francis Cadell. Rugadh is thogadh e ann an Dùn Èideann. Dh'ionnsaich e ealain ann am Paris agus ann am Munich. Bha a' chiad thaisbeanadh ann an Dùn Èideann ann an 1908. Aig àm a' chiad chogaidh shabaid e anns an Fhraing far an do dhealbh e beatha anns an arm agus anns a' chabhlaich. An dèidh a' chogaidh pheant e dealbhan neo-bheò. Thadhal is pheant e ann an Ì Chaluim Chille a h-uile bliadhna, uaireannan còmhla ri Samuel Peploe.[1] B' àbhaist dha chèilidh air an Taigh Shambellie anns An Abaid Ùr (Siorrachd Chille Chùithbeirt), a bha leis a chuid chairdean na Stiùbhartaich.[2]
Francis Cadell | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Dùn Èideann, 12 dhen Ghiblean 1883 |
Dùthaich |
![]() |
Àite-fuirich | Dùn Èideann |
Bàs | Dùn Èideann, 6 dhen Dùbhlachd 1937 |
Foghlam | |
Foghlam |
Acadamh Dhùn Èideann Acadamh Julian Colaiste Ealain Dhùn Èideann |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Strì | An Cogadh Mòr |
IomraidheanDeasaich
- ↑ “F.C.B Cadell”. Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ “Francis Campbell Boileau Cadell”. Kirkcudbright Galleries. Air a thogail 18mh dhen Dàmhair 2020.
Na Dathaichean Albannach
Na Dathaichean Albannach | Francis Cadell • John Duncan Fergusson • Leslie Hunter • Samuel Peploe |
Sgoiltean | Acadamh Colarossi • Acadamh Julian • Acadamh nan Urrasairean |
Buaidh | Anne Redpath • Perpetua Pope |