Stèisean Mhargadh an Fheòir
Stèisean rèile ann an Margadh an Fheòir, Dùn Èideann
'S e an dàrna stèisean as motha ann an Dùn Èideann a th' anns an stèisean Mharghadh an Fheòir (Beurla: Haymarket railway station), às dèidh Waverley Dhùn Èideann.
Margadh an Fheòir | ||
---|---|---|
Beurla: Haymarket | ||
Suidheachadh | ||
Suidheachadh | Margadh an Fheòir, Dùn Èideann | |
Ùghdarras ionadail | Rèile na h-Alba | |
Obrachaidhean | ||
Còd Stèisean | HYM | |
Sealbhadair | Network Rail | |
Àireamhan Taistealach |
Tha an stèisean ag obrachadh mar ceann-uidhe mòr airson astaran fada; tha e suidhichte faisg air meadhan a' bhaile Dhùn Èideann, 'sa Cheann an Iar. Bidh trèanaichean an stèisean a' frithealadh mòran de dh'Alba, nam measg Fìobha is Glaschu, a' bharrachd air loidhnichean frith-bhailteach chun an ear, agus a' Phrìomh Loidhne a' Chosta an Ear gu King's Cross ann an Lunnainn. Is e an còigeamh stèisean as trainge ann an Alba a th' ann.