'S e beinn ann am Frìth Achadh na Seileach air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr a' Chaorachain. Tha e 1,053 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Achadh na Seileach agus Loch Monar mu 6km bhon rathad ann an Gleann Carrann. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air pailteas dhearcan Caorainn anns an àite[1]. Gus a' bheinn seo a shreap, bithear mar as trice a' dèanamh pàirt den t-slighe tron ghleann air an rothair. Mar as trice bithear a' streap na beinne bho thaobh an iar, agus ga cheangal le Sgùrr Choinnich[2].

Sgùrr a' Chaorachain

Sgùrr a' Chaorachain
Àirde (m) 1,053
Àirde (tr) 3,454
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr a' Chaorachain is located in Alba
Sgùrr a' Chaorachain
Sgùrr a' Chaorachain (Alba)
Suidheachadh Achadh na Seileach
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Explorer 429
Comharradh-clèithe NH08764472

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Bidean a' Choire Sheasgaich, Lurg Mhòr, Srath Carann, Loch Carrann agus Toirbheartan.


Iomraidhean deasaich

  1. Drummond, Peter, 1991, Scottish Hill and Mountain Names, d. 175
  2. Sgùrr Choinnich agus Sgùrr a' Chaorachain air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: