Sgùrr Dearg (Muile)
Co-chomharran: 56°26′24″N 5°47′20″W / 56.440119°N 5.788867°W
'S e beinn ann an Alba a th' ann an Sgùrr Dearg. Tha e suidhichte air taobh an ear Eilean Mhuile tuath air an rathad A849. Tha e 741m (2431 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear càrn mòr a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Graham is Marilyn a th' ann.
Sgùrr Dearg (Muile) | |
---|---|
Sgùrr Dearg | |
Àirde (m) | 741 |
Àirde (tr) | 2431 |
Àirde rinneach (m) | 246 |
air liosta | Graham, Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Muile |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (49) OS Explorer (375E) |
Comharradh-clèithe | NM665339 |
Thèid beanntan na h-Alba a chur ri chèile ann an liostaichean sònraichte a rèir àirde agus àirde rinneach mullach na beinne. Canar Beinn Rothaich, Murdo, Marilyn, Donald, Graham neo Corbett riutha. Tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach agus an uair sin thèid na tomhasan a chruinneachadh ann an liostaichean a tha rim faighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2] Bho àm gu àm nì iad ath-sgrùdadh mu àird na beinne, agus rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Sgurr Dearg san 28 an Dàmhair 2001.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)