Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

craoladair Gàidhlig

B' e craoladair, bàrd agus leasaiche cànain a bha ann an Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain (Beurla:[1] John Alick MacPherson).

Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain
Beatha
Breith An Tòb, dhen t-Samhain 1937
Dùthaich  Alba
Bàs Eilean Cheap Bhreatainn, 31 dhen Lùnastal 2017
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Colaiste Chnoc Iòrdain
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd craoladair agus comhairliche
Fastaichean BBC Scotland  (1964 -  1972)

Rugadh e sna Hearadh agus dh'imrich a theaghlach a dh' Uibhist a Deas nuair a bha e na bhalach òg. Bha e na oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Colaiste Chnoc Iordàin. Thill e a dh'Uibhist agus theagaisg e Gàidhlig aig Sgoil Ceann a' Bhagh. Thoisich e a bhith e na chraoladair Gàidhlig ann an Glaschu ann an 1964. Ann an 1972 dh'imrich e do Chanada far an do dh'obair e ann an dàimh poblach. Thill e do dh'Alba sna 1990an far an do chaidh e na leas-stiùiriche Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Chaochail e ann an Ceap Breatainn ann an 2017.[2]

Litreachas

deasaich

Bhuannaich e Crùn na Bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1961. Dheasaich e cruinneachadh sgrìobhaidhean de Donnchadh Blàrach còmhla ri Mìcheal Linkletter.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Prògram Choinnich”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 3s dhen t-Sultain 2017.
  2. Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain air bàsachadh”, BBC. 31mh dhen Lùnasdal 2017. Air a thogail 3s dhen t-Sultain 2017. 
  3. Fògradh, Fàisneachd, Filidheachd - Parting, Prophecy, Poetry”. Cape Breton University Press. Air a thogail 3s dhen t-Sultain 2017.