'S e minister, ùghdar agus bàrd a bh' san Urr. Donnchadh Blàrach (Rev Duncan Black Blair ann am Beurla). Rugadh e ann an Srath Chura ann an 1815 agus fhuair e foghlam aig Oilthigh Dhùn Èideann. An dèidh dhaibh ceum diadhachachd a thoirt a-mach, bha e 'na mhinistear ann an Alba agus ann an Alba Nuadh. Sgrìobh e mòran rudan dhan iris Mac-Talla fon ainm D.B.B.

Donnchadh Blàrach
Beatha
Breith Srath Chura, 1 dhen Iuchar 1815
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs 1893
Àite-adhlacaidh Siorrachd Phiogto
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd ministear, sgrìobhadair agus bàrd

"Bha an t-Urr. Donnchadh Blàrach (1815-1893) na “eòlaiche-cànain barraichte, na dheagh bhàrd, agus na dhuine cràbhach. Mar sgrìobhaiche Gàidhlig pongail cha robh duine a thug bàrr air.” Sgrìobh e laoidhean,cumhaidhean agus dàin is òrain aotrom. Nochd raon farsaing de na sgrìobhaidhean aige ann am Mac-Talla, a’ chiad phàipear-naidheachd Gàidhlig air an t-saoghal, a chaidh a chlò-bhualadh ann an Sidni, Albainn Nuadh, eadar 1892 agus 1904."[1]

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. An T-urr. Donnchadh Blàrach (1815-1893) ann am Mac-Talla / Rev. Duncan B. Blair (1815-1893) in Mac-Talla