'S e seinneadair a bh' ann an Seonag NicLeòid (1920-2004). Rugadh agus thogadh Seonag ann an Còrnal, Ròdhag, anns an Eilean Sgitheanach, ann an teaghlach far an robh ceòl daonnan ann: bha a h-athair, Calum Caimbeul, na phìobaire, agus a rèir choltais bha guth brèagha aig a màthair. Fhuair i foghlam ann am Bun-sgoil Bhatain agus anns an Àrd-sgoil Phort Rìgh. An dèidh sin, rinn i a trèanadh anns an Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann mar bhanaltram. Fhuair i obair mar bhanaltram ann an Glaschu, ach bha i fhathast a’ seinn, còmhla ri Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu ’s leatha fhèin, agus choisinn i am Bonn Òir ann an 1957.

Seonag NicLeòid
Beatha
Breith Diùrinis, 26 dhen t-Sultain 1920
Dùthaich  Alba
Bàs 19 dhen Iuchar 2004
Foghlam
Foghlam Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair agus altram
Fastaichean Ospadal Hoimeopaiteach Ghlaschu
An t-Ospadal Coitcheann a Deas
Inneal-ciùil guth

Ceanglaichean a-mach

deasaich