'S e baile beag ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha anns An t-Seann Chathair.[1] Tha e faisg air A' Mhagh Fhada agus taobh-a-tuath Dùn Phrìs. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 22′ 4.55″ Tuath agus 3° 55′ 28.67″ Iar. Ann an 2001 bha 2,028 duine a' fuireach an seo. [2] Tha an t-Slighe Àrd a Deas air a bhith a' dol tron bhaile bho 1984.[3]

Oifig a' phuist

Eachdraidh

deasaich

A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 78 duine às an t-Sean Chathair bàs sa Chogadh Mòr[4] agus ceithir duine deug eile san Dàrna Cogadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[5]

Iomraidhean

deasaich
  1. Alba le Roy Pedersen
  2. Scotland's Census Result OnLine
  3. Southern Upland Way
  4. Scottish War Memorials Project
  5. NRS

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 783 096