B' e an long mu dheireadh den triùir a dhealbh Isambard Kingdom Brunel a bha ann an SS Great Eastern. Chaidh a togail aig Gravesend air an Thames. B' e Scott Russell a thog ise as leth an Great Eastern Company, agus chuireadh i air bochd an 1857.

Great Eastern ann an Heart's Content, An Talamh Ùr, an t-Iuchar 1866

Bha i aig an àm an long a bu mhotha anns an t-saoghal: bha i 680 troighean 's an fhad, 83 troighean 's an leud (118 troigh thar na bocsaichean-cuibhle) agus bha a slige 60 troigh anns an àird. Bha innealan aige le cumhachd de 11,000 eich a dh'iomain bidhis-uisge agus cuibhlichean-uisge.

Chaidh a dealbhadh a ghiùlain 1,000 luchd-shiubhail, 5,000 tunna bhathair agus 15,000 tunna ghuail ( mar connadh). B'e amas luchd-stiùiridh companaidh na Great Eastern a bhith ga cleachdadh air an triall gu Astràilia, ach cha robh i soirbhicheall anns a' mhalairt sin.

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: