Fosgail am prìomh chlàr-taice

Tunna (metreachd)Deasaich

Is e aonad cuideam co-ionnan ri mile cilogram (1,000 Kg) a tha anns an Tunna. Toimheasar bathair tomadach coltach ri gual neo coirce (air an reic le tuathanaich) mar eisimplirean, leis an tunna.


Tunna FàdaDeasaich

An Eorpa anns an latha an diugh, is e an luach metreachd de 1000 Kg a tha "tunna" a' ciallachadh. Tha an cuideam seo glè dluth (ged nach eil e co-ionnan) ris an Tunna Fada, de 2,240 lb. a bha Breatuinn agus na duthchanan ceangailte dhi a' cleachdadh a roimhe na 1970'n. Geds a chaidh Gniomhacasan Naiseanta (na Breatuinn) gu tomhaisean metreachd gu luath as deidh 1968 bha an roinn priobhaideach torr nas fadalach agus bha cuid dhaibh ag obair anns an seann tomhais sios ri na 1990'n. Nuair a bhitheas tomhais eagnaidh cudthromach (aig inbhe tunnaichean) tha e riatanach a dhearbh de seorsa tunna a tha agad. Anns a' Bheurla cleachdar da litreachadh: "Ton" airson an tunna fada agus "Tonne" airson an tunna metreachd.


Tunna GoiridDeasaich

Cleachdar an tunna goirid de 2,000 lb anns na Staitean Aonaichte.

Tunna LionaidhDeasaich

Measaichear meud luinge leis an tunna-lionaidh, a tha co-ionnan ri 100 troigh ^3.

Measaichear cuideam de cuid bathar le tomhais-lionaidh, mar eisimplir fiodha "cruinne". Chan eil e soirbh a chuir crann air Biorsamaid, ach tha e nas fhasa a thomhais meud de cnap fiodh. Measar tunna fiodh a bhi co-ionnan ri 40 troighe^3 .