An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pedagogia do Oprimido"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
 
Loidhne 12:
 
'S e [[leabhar]] air a sgrìobhadh ann am [[Portagailis]] ann an stoidhl [[Feallsanachd|feallsanachail]] leis an ùghdar [[Paulo Freire]], a chaidh a chlò-bhualadh ann an [[1968]] 's a th' ann an '''Pedagogia do Oprimido'''. Thathar a' beachdachadh gur e an annas-làimh aig Freire. San leabhar rinneadh càineadh gun sòradh air a' mhodail-tasgaidh (Portagailis: ''modelo bancário''), far an robh an siostam [[foghlam|foghlaim]] a' lionadh [[ceann|cinn]] nan sgoilearan le stuth is na sgoilearan uabhasach fhèin neo-ghnìomhach. 'S e, a rèir Freire, gun sparradh am modail-tasgaidh luachan agus feumlachdan sòisealta orrasa a bha millteach air an leasan. B' fheudar gun dùisgeadh mothachadh nan daoine (Portagailis: ''conscientização'') agus iad a' cruthachadh a' churraicealaim air an sonsa, curraicealam a ghabhadh leis an cuid leasan. 'S e th' ann Teasgasg Sgrùdach.<ref>MCLAREN, P. A vida nas escolas: uma introdução á pedagogia crítica nos fundamentos da educação. [[1997]], Artes Médicas.</ref>
 
S' ann air na ceithir ceistean aig an robh uidh aig Freire a nì an leabhar fòcas:
 
*dùisgeadh mothachadh
*Rèabhlaid
*Co-chòmhradh
*Co-obrachadh
 
== Iomraidhean ==