An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Friedrich Nietzsche"

Content deleted Content added
No edit summary
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e feallsanach às [[a' Ghearmailt]] a bh' ann am '''Friedrich Wilhelm Nietzsche''' ([[IPA]]: ''ˈfʁiːdʁɪç ˈvɪlhɛlm ˈniːtʃə'', [[Röcken]], [[15 an Dàmhair]] [[1844]] - [[Weimar]], [[25 an Lùnastal]] [[1900]]).
 
Rugadh e ann an [[Röcken|Röcken bei Lützen]] is bho 5 bliadhna a dh'aois thogadh e ann an [[Naumburg an der Saale]]. Eadar aoisean 14 is 19 bha e na sgoilear aig sgoil-chòmhnaidh faisg air Naumburg far an do leugh e obraichean le [[Friedrich Hölderlin]] agus [[David Strauss]]. Bha e na oileanach aig [[Oilthigh Bhonn]] agus an-sin aig [[Oilthigh Leipzig]], far an do dh'fhoillsich e aistean air bàird Seann-ghreugach agus [[Aristotelis|Arastotal]]. Lorg e na h-obraichean [[Arthur Schopenhauer|Schopenhauer]] a thoireadh buaidh mhòr air. Rinn e càirdeas ri [[Richard Wagner]] is Wagner ga mholadh airson chathair aig [[Oilthigh Bhasel]], far an deach e na ollamh ann an 1869 aig aois 24. Dh'fhrithealaich e mar chuidiche ospadail anns a' Chogadh Fraing-Phruiseach ann an 1870 is fhuair e [[galar na h-amhaich]] agus [[an galar-gasta]]. Thug Nietzsche buaidh uabhasach fhèin làidir air [[Hitler]] agus [[Nàsachd]].<ref>Grunberger, Richard, A Social History of the Third Reich, Weidenfeld and Nicolson, [[Lunnainn]], [[1971]]</ref>