An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Poznań"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Loidhne 28:
Ri linn Ar-a-mach na Pòlainn Mhòir ann an [[1806]] chuidich [[Saighdear|saighdearan]] agus sìobhaltaich saor-thoileach Pòlach na feachdan aig Napoléon gus ruaig a chur air saighdearan na Pruise. Chaidh am baile a thoirt a-staigh na Diùcachd Warsaw ann an [[1807]] mar phrìomh-bhaile na Sgìreachd Phoznań.<ref>[http://www.studyinpoland.pl/index.php?option=com_content&task=view&id=50&Itemid=70 Study in Poland]</ref> A dh’aindeoin sin, an dèidh Co-labhairt [[Vienna]], chaidh Wielkopolska a thoirt air ais gus A’ Phruise agus le sin bha Poznań na phrìomh-bhaile Àrd-Dhiucachd Gran Phosen (Gearmailtis: Großherzogtum Posen).<ref>[http://www.polen-didaktik.de/Fachaufsaetze/Polenfacetten/Grossherzogtum_posen.htm Polen Didaktik]</ref> Bha e na phrìomh-bhaile na Roinne Pruisianach Phosen an dèidh Ar-a-mach [[1848]] is baile Gearmailteach an dèidh Aonadh na Gearmailte ann an [[1871]].
 
Shaoraich Ar-a-mach na Wielkopolska, an aghaidh na Gearmailte, am baile is an roinn ann an [[1918]] – [[1919]] is na Gearmailtich dìreach air a’ [[An Cogadh Mòr|Chogadh Mhòr]] a chall.<ref> Antoni Czubiński, Rola Powstania Wielkopolskiego w walce narodu polskiego o powstrzymanie niemieckiego >parcia na wschód<, Przegląd Zachodni 1968, nr 5-6</ref> ‘S e phrìomh-bhaile na Roinne Phoznań a bh’ann. Chaidh Oilthigh Phoznań a stèidheachadh ann an [[1919]], neo Oilthigh Adam Mickiewicz mar a chanar an latha an-diugh.<ref>[http://lib.amu.edu.pl/index.php?option=com_content&task=view&id=902&Itemid=161 Uniwersytet Adam Mickiewicz]</ref> Bha muinntir na Pòlainn fo bhuaidh chruaidh dhoirbh nan [[Nàsachd|Nàsach]] fad an [[Dàrna Cogadh]] is fhuair iad droch làimhseachadh bhuapa. Ann an [[1945]], ghairm [[Adolf Hitler]] gur e daingneach (Gearmailtis: Festung) a bh’ann Poznań far am biodh na Gearmailtich a dheànamh sabaid deireannach an aghaidh nan Ruisianach.<ref> Festung Posen: "Bastion an der Wache": Journals from a Fortress, Fredrik Nilsson, Leandoer and Ekholm, 2011, ISBN 9185657964</ref> Chuairtich An t-Arm Dearg am baile is an uair sin thug iad ionnsaigh air gàrraidhean-bacaidh nan Gearmailteach anns a’ Chath Phoznań, air sàilleabh gu robh e dìreach air an t-slighe eadar [[Warsaw]] agus [[Berlin]], is chrìochnaich an gnothach le ionnsaighean air an daingneach, is chaidh droch sgrios is mhilleadh a dhèanamh air a’ bhaile. Bho dheireadh an Dàrna Cogaidh, tha Poznań air a bhith na phrìomh-bhaile na sgìre mu thimcheall, a dh’aindeoin atharrachaidhean crìochan na comhairle ann an [[1957]], [[1975]] agus [[1999]]. Le sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Wielkopolska, tè dhe 16 anns A’ Phòlainn, a th’ann am Poznań an latha an-diugh.
 
Thog na luchd-obrach fianais anns a’ bhaile le sabaidean an aghaidh na feachd armachd bho 28mh gu 29mh [[An t-Ògmhios]] [[1956]], ri linn Ar-a-mach Phoznán 1956 (Pòlais: ''Poznanski Czerwiec''), fear dhe na tachartasan na bu chudromaiche ann an eachdraidh na dùthcha anns an dàrna leth na [[20mh Linn|20mh Linne]].<ref>[http://www.poznan-life.com/poznan/poznan-1956 Poznan Life]</ref>